Crofting Agricultural Grant Scheme (CAGS) – Gaelic
A bheil am Fearann Ionaltraidh a’ toirt an fheum as fheàrr à CAGS?
(Sgeama Tabhartas Àitich Croitearachd)
Tha an t-artaigil a leanas a’ coimhead ri togail air suidheachaidhean far am faodadh CAGS a bhith air a chleachdadh ann an dòigh nas èifeachdaiche le comataidh ionaltraidh.
Dè na tha de thabhartas ri fhaotainn leis na comataidhean ionaltraidh?
Faodaidh ionaltraidhean suas ri £125,000 a tharraing ann an tabhartasan CAGS thar ùine sam bith de dhà bhliadhna. Tha an tabhartas 80%. Tha an t-artaigil seo a’ moladh bheachd-smuaintean air mar a dh’fhaodadh co-obrachadh taobh a-staigh baile croitearachd na cosgaisean calpa a lùghdachadh do dh’àireamh de ghnothachasan croitearachd.
A bheil a dhol tron ionaltradh choitcheann ro riaslach?
Tha seo gu mòr an crochadh air na buill san ionaltradh shònraichte agaibh fhèin! Tha riaghailtean CAGS a’ ciallachadh gum feum thu a bhith nad chomataidh ionaltraidh no no nad chonnstabal clàraichte le Coimisean na Croitearachd.
Gus obair leasachaidh a ghabhail os làimh, tha riaghailtean ionaltraidh a’ sònrachadh gum feum thu fios a leigeil gu luchd-earrannan mun leasachadh a tha san amharc, agus an riarachadh caiteachais a thathar a’ moladh. Ann an da-rìribh, airson uidheam stèidhichte le seada, bu chòir aonta mu cò tha a’ dol a thoirt a bhith air a cho-dhùnadh agus an uair sin chan fhaod ach na tabhartaich an t-uidheam ùr a chleachdadh. Cha bhi còraichean is dleastanasan de bhith pàirt den sgeama leasachaidh ach aig iar-theachdaichean a’ chom-pàirtiche no neach-aiseag na roinne ionaltraidh.
Am bu chòir dhuinn Tagradh mar Ionaltradh Coitcheann gus Seadaichean nas motha agus nas fheàrr fhaotainn?
Tha e cumanta do dh’ionaltraidhean a bhith air inbheisteadh còmhla airson aon ghoireas làimhseachaidh stuic fhaotainn na an siostaman beaga fhèin a bhith aig na croitean uile. Dh’fhaodadh am prionnsapal seo a chleachdadh gus mòran inbheistidhean calpa eile a lùghdachadh, mar eisimpleir seadaichean; an àite baile-fearainn de chòig croitearan ag iarraidh seada an urra a thogail agus a’ tagradh fa leth, nan cuireadh iad an stòrasan còmhla agus aon seada mhòr a thogail, dh’fhaodadh iad fhathast airgead a chaomhnadh (faic an clàr gu h-ìosal).
A thuilleadh air a’ chiad chosgais calpa lùghdaichte, le beagan planaidh dh’fhaodadh seada baile a chleachdadh airson barrachd èifeachdan a dhèanamh. Mar eisimpleir, dh’dhaodadh luchdan artaig làn an ceannach agus an stòradh nuair a tha prìsean nas ìsle. Dh’fhaodadh an comataidh ionaltradh an luchd a roinn an uair sin a rèir feumalachdan nan croitearan fa leth agus àireamh aontaichte de bhèilichean a reic ris gach aon dhiubh. Dhèanadh an t-seada mòr seo comasach do chroitearan òrdachadh ann am bagaichean tonna de dhùmhlachdan a bhiodh na bu shaoire na ceannach bhagaichean nas lugha. Nuair a bhios croitearan a’ gabhail ath-shìolachadh os làimh fo CAGS, dh’fhaodadh iad prìs nas saoire fhaighinn nan co-òrdanaicheadh iad an tagraidhean agus gun òrdaicheadh iad luchdan làn artaig de dh’aol agus guàna. Dh’fhaodadh an t-òrdugh slàn a bhith air a stòradh ann an àite tioram air a chòmhdach ri taobh an t-seada. Dh’fhaodadh òrdachadh air aol ann an tomad eadar grunn daoine, sgeadachaidhean gleidhidh aoil a dhèanamh comasach, gus dèiligeadh le cùisean pH, taobh a-muigh prògram ath-shìolachaidh.
Aon uair ’s gu bheil thu air tòiseachadh a’ smaoineachadh gu ioma-thaobhach, bidh cothroman eile comasach. Ma tha thu a’ stàlachadh dealan don t-seada baile agad, carson nach fhaic thu am faodadh nithean ath-nuadhachail air sgèile bheag an cleachdadh?
A bheil pàircean a-staigh air an ionaltradh feumach air ath-bheothachadh?
Tha mòran ionaltraidhean sa bheil pàircean tairbh no eich a tha air an dreach a chall agus glè thric air fàs le luachair. Tha seo mar thoradh air droch dhrèanadh agus pH ìosal. Sa chùis seo, dh’fhaodadh tabhartas CAGS a chleachdadh airson pàircean a-staigh a dhrèanadh. Ma tha na raointean feòir ann an droch shuidheachadh, bu chòir sampall den ùir a ghabhail agus a thoirt gu an oifis ionadail. Faodar CAGS a chleachdadh gus tagradh airson ath-shìolachadh, air uachdar no air làn phàircean taobh a-staigh ionaltraidhean coitcheann.
Ma tha an luach bidhaidh den phàirc air a dhèanamh nas fheàrr, tha na buannachdan toraidh a leanas comasach:
- Àm breith laoigh nas teinne ma tha an crodh air fearann ionaltraidh math aig a’ chiad seirbheis.
- Cuideaman làitheil nas àirde le caoraich a tha briodachadh ma thèid an geamhrachadh air raointean feòir a tha leasaichte. Tha seo a’ leantainn gu èifeachdan briodachaidh soirbheachail fad-beatha.
- Ceadachadh barrachd sùbailteachd ma dh’fheumar na caoraich a chumail faisg, mar eisimpleir feitheamh ri rùsgairean/sganairean cunnraidh.
Ionaltradh Coitcheann – an t-slighe air adhart
Ma tha aon sam bith gu h-àrd air ur piobrachadh gu beachdachadh air cothroman ùra sa bhaile-fearainn agaibh, ach gu bheil feum agaibh air tuilleadh stiùiridh, carson nach beachdaich sibh air Plana Stiùiridh Fearann Amalaichte le taic bhon riaghaltas?
Ma tha an t-artaigil seo air ceistean eile a dhùsgadh, feuch gun cuir sibh fios gu loidhne-cobhair FAS air 0300 323 0161.
Sign up to the FAS newsletter
Receive updates on news, events and publications from Scotland’s Farm Advisory Service