Riaghailtean Fearann Ionaltraidh
Riaghailtean Ionaltraidh Ùr
Tha Coimisean na Croitearachd air teamplaid Riaghailtean Ionaltraidh ùr fhoillseachadh. Chan eil an teamplaid cho mionaideach ris an fheadhainn a chaidh fhoillseachadh a-cheana, mar thoradh air nach robh uimhir de na riatanasan a bha air an sònrachadh sna riaghailtean roimhe, gan solarachadh taobh a-staigh Achd na Croitearachd.
Tha beagan troimh-chèile mu thimcheall a’ phròiseis seo ann am mòran chomataidhean co-cheangailte ri gabhail ri riaghailtean ùra, agus tha an nota fiosrachaidh seo a’ dèiligeadh le cuid de na ceistean coitcheann agus a’ mìneachadh a’ phròiseis an lùib gabhail ri seat ùr de riaghailtean, no dèanamh atharrachaidhean air na riaghailtean làithreach agad.
Am feum sinn gabhail ris na riaghailtean ùra?
Chan eil e èiginneach gabhail ris na riaghailtean ùra ma tha na riaghailtean làithreach a tha agad ag obrachadh gu math agus a’ coileanadh riatanasan an Ionaltraidh Choitcheann agad. Ach, ’s e deagh chleachdadh a th’ ann na riaghailtean agad ath-sgrùdadh gu cunbhalach, oir dh’fhaodadh nach bi na seann riaghailtean a’ freagairt air an reachdas làithreach no mar a tha an t-ionaltradh coitcheann agad ag obrachadh san latha an-diugh.
Cuin bu chòir dhuinn gabhail ris na riaghailtean ùra?
Ma cho-dhùineas tu gabhail ris na riaghailtean ùra, bu chòir dhut àm a thaghadh a tha freagarrach do dhòigh-obrach na comataidh agad. Bhiodh toiseach teirm oifigeil ùr na àm loidsigeach airson an eacarsaich seo a ghabhail os làimh, mura robh adhbharan deatamach ann gus do riaghailtean ath-ùrachadh sa bhad.
Pròiseas
- Gairm coinneamh comataidh gus riaghailtean ùra ath-sgrùdadh agus deasbad air atharrachaidhean san amharc.
- Faigh cead bho mhòr-chuid na comataidh air na riaghailtean ùra agus atharrachaidhean ionadail sam bith. Thathar ag iarraidh co-chomhairleachadh gu farsaing le luchd-earrannan aig an ìre seo.
- Bu chòir do riaghailtean ath-sgrùdaichte sam bith san amharc a chur gu Còimisean na Croitearachd airson ath-sgrùdadh.
- Ro dhearbhadh, dèanamh no atharrachadh riaghailtean, feumaidh Coimisean na Croitearachd co-chomhairleachadh le seilbhiche an Fhearainn Ionaltraidh bhuntainneach.
- Nì an Coimisean sgrùdadh air na riaghailtean ùra agad a tha molta no atharrachaidhean a tha molta gus dèanamh cinnteach à gèilleadh do Achd na Croitearachd, agus ma dh’fheumar fios a chur chun na Comataidh a dheasbad air cùisean sam bith a tha draghail no nithean aig a bheil feum air soilleireachadh.
- Nuair a chuireas an Coimisean aonta ri Riaghailtean ùra sam bith, thèid gabhail riutha gu foirmeil agus na riaghailtean air an ùr aontachadh a chur a-mach gun Chomataidh. Thèid lethbhreac a chur gu Seilbhiche an Fhearainn Ionaltraidh.
Bu chòir coimhead ri riaghailtean mar sgrìobhainn beò a dh’fhaodar ath-sgrùdadh aig àm sam bith gus dèanamh cinnteach à gèilleadh do dh’atharrachaidhean sam bith ann an reachdas no ann an suidheachaidhean ionadail. ’S e adhbhar nan riaghailtean a dhèanamh comasach don Chomataidh Ionaltraidh agus do luchd-earrannan, cleachdaidhean stiùiridh co-roinnte a neartachadh agus stiùireadh air fearann Ionaltraidh Coitcheann a leasachadh ann an dòigh iomchaidh agus sheasmhach.
Sign up to the FAS newsletter
Receive updates on news, events and publications from Scotland’s Farm Advisory Service